Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Tasglann Chomhairle na Gàidhealtachd (pàirt de Sheirbhis Thasglainn Chomhairle Na Gàidhealtachd)

Our Partners

Tasglann Chomhairle na Gàidhealtachd (pàirt de Sheirbhis Thasglainn Chomhairle Na Gàidhealtachd)



Tha e an urra ri Seirbheis nan Tasglann tasglainn co-cheangailte ri sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd a lorg, a ghleidheil agus an dèanamh so-ruigsinneach. Tro Sheirbheis nan Tasglann tha Comhairle na Gàidhealtachd a' coinneachadh ri dleastanas reachdail gus dèanamh cinnteach gu bheil siostam dòigheil ann airson na clàran aca fhèin, agus clàran nam buidhnean a thàinig romhpa, a ghleidheil agus a riaghladh agus, cuideachd, sgrìobhainnean eile a chuireadh fon cùram.

Cruinneachaidhean nan Tasglann
Tha cruinneachaidhean fo chùram Chomhairle na Gàidhealtachd on chòigeamh linn deug chun an latha an-diugh agus tha iad a' gabhail a-steach chruinneachaidhean poblach agus prìobhaideach. Tha sgrìobhainnean oifigeil annta bho na seann Shiorrachdan taobh a-staigh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, on ochdamh linn deug gu 1975; tha clàran ann bho thrì deug Chomhairlean Baile on chòigeamh linn deug gu 1975. Am measg nan clàran a tha aig Seirbheis nan Tasglann air an tasgadh no air iasad fad ùine, tha pàipearan teaghlaich, oighreachd agus pearsanta, clàran chomainn is bhuidhnean, agus cuid de chlàran eaglais.

Seirbheisean ri Fhaighinn
Tha a' mhòr-chuid de thasglainn na seirbheis rim faotainn airson sealltainn riutha anns an t-seòmar rannsachaidh poblach ann an Inbhir Nis. Tha an rùm-lorg fosgailte an asgaidh don h-uile duine. Tha luchd-obrach an còmhnaidh ann airson comhairle a thoirt seachad. Feumaidh uair-tadhail a bhith air cur air dòigh.

Airson fiosrachadh air uairean fosglaidh agus far a bheil sinn, theirig chun na làraich-lìn again.


Tadhail air an làraich-lìn


Collections

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village