Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Tain Charter 1529

Naidheachd

06 Mar 2007
Sgoilearan na Gàidhealtachd a' dèanamh eachdraidh air an eadar-lìon
Chaidh iomairt foillseachaidh eadar-obrachail air an eadar-lìon airson sgoilearan agus thidsearan a thoirt a-steach an t-seachdain seo taobh a-staigh làrach-lìn le Comhairle na Gàidhealtachd a tha air duaisean nàiseanta fhaighinn - Am Baile.

Tha am pròiseact dà-chànanach adhartach luach £35,000 Am Baile for Schools - Am Baile do sgoiltean a' dol beò air 6 Am Màrt airson ceangal a-staigh ri Highland 2007. 'S e co-iomairt a th' ann eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Alba Eachdraidheil, 's leigidh e le daoine òga teacsa, dealbhan, bhidio agus criomagan claisneach mun pròiseactan eachdraidh fhoillseachadh agus a cho-roinn le daoine air feadh an t-saoghail.

Thuirt Anndra MacAnndra, Cathraiche Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs Comhairle na Gàidhealtachd: 'This feature, now available from the Am Baile homepage is fun and easy to use and will help pupils to learn more about Highland history and culture either in English or Gaelic. Drawing on information supplied by The Council's Library Service, Archives, Museums, local heritage groups and individuals this site helps pupils develop their research and IT skills and explore methods of publishing multi media materials such as photographs, audio and video online.'

Thuirt Patricia Weeks, Oifigear Foghlaim Alba Eachdraidheil:'We really wanted to make a significant contribution to Highland 2007, one which would benefit communities for years to come, and this project does just that. It has been created so pupils can share their interest and excitement in history projects not only with other schoolchildren but their parents too.'

Children have the option of either doing work in the classroom online, or they can log on at home, giving a great deal of flexibility as well as encouragement to extend and share learning beyond the walls of the school. The website is also valuable because the pupils get the chance to learn all about publishing on the web because they have to do things like scan in the pictures themselves.'

Bidh tidsearan a' cumail smachd air na tha ann agus cha nochd stuth air an eadar-lìon gus an toir iadsan cead air a shon. 'S e a' chiad sgoil a th' air Am Baile for Schools - Am Baile do sgoiltean a chur gu feum Acadamaidh na Cananaich aig a bheil club eachdraidh fìor bheothail. Tha sia sgoilearan bhon sgoil air an làrach a chleachdadh airson pròiseact fhoillseachadh le làn-fhiosrachadh mu Arcaibh, bhon àm ro-eachdraidheil suas dhan àm a chuir na Gearmailtich an cabhlach fhèin fodha ann an Scapa Flow. Tha Jennifer Coulshed, Hannah Doughty, Lois Fuerst, Daisy Hewitt, Siobhan Knowles agus Brionaidh Siegel air an sgeulachd aca a thrusadh tro Am Baile.

Thuirt Tracy Rennie, Tidsear Eachdraidh Acadamaidh na Cananaich: 'Am Baile for Schools enabled my pupils to document their recent trip to Orkney in a fun and unique way, while working together and improving their ICT skills. The website helped us to bring history alive and gave the pupils a real sense of achievement. We found the template simple to use and were delighted with the end results. The site also lends itself very well to research projects because of the extensive resources which are available online. I definitely plan to use this programme again with larger groups, and would recommend other teachers to try it out.'

Ann an 'Am Baile do sgoiltean' tha stòr-dàta a chuidicheas tidsearan ri stòrasan nàiseanta agus ionadail a lorg aig a bheil ceangal ri cuspairean a' churraicealaim nàiseanta agus as urrainnear cleachdadh gus taic a thoirt ri ionnsachadh sa chlasrum. Tha sreath de chuspairean air an còmhdach anns an stòr-dàta bho roi-eachdraidh, na fuadaichean agus eilthireachd gu na Seumasaich agus An Dàrna Cogadh. Tha fiosrachadh anns an stòr-dàta air buidhnean eadar-dhealaichte, taighean-tasgaidh, goireasan ionadail agus goireasan eachdraidh agus goireasan air-loidhne eile.

Am Baile do sgoiltean


air ais gu naidheachda

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village