Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Castle Urquhart

Bun-bheachd agus Bun-fhiosrachadh

Chaidh Am Baile a stèidheachadh bho thùs mar chom-pàirteachas fo riaghladh Chomhairle na Gàidhealtachd. Còmhla ri ar com-pàirtichean, Urras Taigh Chearsabhagh agus West Highland Animation, tha sinn a' cruthachadh tasglann didsiotach de dh'eachdraidh agus de dhualchas na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh bho thùs le Maoin airson Chothroman Ùra agus le taic airgid o chionn ghoirid bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Chaidh an làrach a chur air bhog sa Chèitean 2003 agus tha i fhathast a' fàs. Tha cothroman ionnsachaidh ri fhaotainn do dhaoine de gach aois, comas is eachdraidh le bhith a' tarraing còmhla stuth a tha gun shamhail agus a bha doirbh faighinn thuige roimhe seo. Tha sinn ga chur an cèill ann an dòigh a tha inntinneach is furasta a làimhseachadh. Tha Am Baile làn dhealbhan, leabhraichean is sgrìobhainnean nach eil cumanta à tasglainn, leabharlainn, taighean-tasgaidh is cruinneachaidhean prìobhaideach, ealan an latha an-diugh, filmichean, geamannan eadar-ghnìomhail agus coimigean.

Stòr na Gàidhlig

Tha e na phrìomh amas aig pròiseact A' Bhaile dualchas na Gàidhealtachd is nan Eilean a chur an cèill sa Ghàidhlig, agus e bhith na stòras ùr do dh'fhileantaich agus do luchd-ionnsachaidh. Faodar an làrach a chleachdadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Tha roghainn ann an cànan atharrachadh uair sam bith.

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village